Cothrom do dhaoine oga sna h-Eileanan

Niall, Iain agus Stiùbhart MacGhillEathain a fhuair taic bhon sgeama bh' ann roimhe airson an gnìomhachas aca 'Seas the Catch' a stèidheachadh Image copyright Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' cur taic-airgid ri sgeama a chuidicheas daoine òga a bhith a' tòiseachadh gnìomhachais ùir sna h-Eileanan Siar.

'S e Slighe Ghnothachais nan Eilean Siar, a tha stèidhichte aig Comhairle nan Eilean Siar, a bhios a' roinn a-mach an ionmhais, thairis air an dà bhliadhna a bhios e a' ruith.

Bidh taic luach £2,500 ri fhaotainn do dhaoine eadar 18-40 de dh'aois airson gnìomhachas ùr a chur air chois tron sgeama OHYESS.

Tha an sgeama seo a' togail air soirbheachas sgeama a b' àbhaist do Chomhairle nan Eilean Siar a bhith a' ruith, a thug cuideachadh do 43 duine thairis air dà bhliadhna, gnìomhachas a stèidheachadh.

Taic

Cuiridh a' Chomhairle taic ris an sgeama tro a bhith ga ruith còmhla ri Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Tha duilgheadas aig daoine airgead fhaighinn an-diugh airson cosgaisean co-cheangailte ri gnìomhachas a stèidheachadh," thuirt manaidsear an leasachaidh eaconomaich Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Dòmhnallach.

"Chan eil e cho furasta gu h-àraid airson daoine nas òige - sin fear de na h-adhbharan a chaidh an sgeama a stèidheachadh.

"Tha eaconomaidh nan eileanan againn stèidhichte air àireimh mhòir de ghnìomhachasan gu math beag a tha a' cruthachadh obraichean do dhithis no triùir.

"Sin an t-seòrsa gnìomhachais a tha sinn airson a bhith a' faicinn a' tòiseachadh, a' dèanamh iomadach seòrsa rud.

"Tha e cudromach gum bi cothroman ann do dhaoine nas òige fuireach anns na h-Eileanan," thuirt e.

Dùbhlan

"Aon de na dùbhlain as motha do ghnìomhachas ùr sam bith 's e bhith a' faighinn ionmhais aig toiseach-tòiseachaidh airson a chur ri cosgaisean calpa," thuirt Rachel NicCoinnich bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

"Tha sinn air leth toilichte a bhidh ag obair còmhla ri Slighe Ghnothachais nan Eilean Siar airson taic-airgid a chur ris an sgeama OHYESS.

"Bheir seo taic do dh'eaconomaidh na sgìre le bhith a' cruthachadh chothroman do dhaoine oga - a' cuideachadh a bhith a' dol an aghaidh mar a tha daoine òga a' ghluasaid air falbh às na h-Eileanan," thuirt i.

Airson fiosrachadh fhaighinn mun sgeama, faodar fòn a chur gu Slighe Ghnothachais nan Eilean Siar air 01851 668 043 no tadhal air an làraich-lìn aig Slighe Ghnothachais