Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Thuirt Leas-Cheannard nan Làbarach, Tom Watson, gum feum an Ceannard, Jeremy Corbyn, dèiligeadh ris an trioblaid a th' anns a' phàrtaidh le gràin air Iùdhaich. Thuirt Mgr Watson gur e tinneas a th' ann anns a' phàrtaidh ris nach deach dèiligeadh mar a bu chòir. Gheall am Pàrtaidh Làbarach gun toir iad sùil air casaidean a thog am prògram Panorama aig a' BhBC mun dòigh sa bheil iad a' làimhseachadh ghearainean mu dhìmeas air Iùdhaich. Thuirt an Seansalair Làbarach, John McDonnell, gur e adhbhar dragh a th' anns na casaidean, ach chaidh e às àicheadh gu bheil gràin air Iùdhaich bunaiteach anns a' phàrtaidh.

Ioran

Rinn soithich cogaidh bhon Chabhlach Rìoghail cobhair air tancair ola Bhreatannach air an robh trì bàtaichean Iorànianach a' bagairt anns a' Ghulf. Ghluais na bàtaichean Ioràinianach air falbh nuair a chaidh an long-cogaidh HMS Montrose eadar iad agus an tancair. Thuirt Ministreachd an Dìon gun do bhris na h-Ioràinianaich an lagh eadar-nàiseanta. Tha Ioran air a bhith a' maoidheadh dìoghaltais bho chuir feachdan Breatannach stad air tancair Ioràinianach faisg air Gibraltar an t-seachdain seo chaidh.

An Fhraing

Chuir oifigich anns an Fhraing dìon air plana airson cìs 35 air companaidhean eadar-lìn agus teicneòlais mar Google agus Facebook. Thuirt Ministreachd Ionmhais na Frainge gu bheil a' chìs a rèir aontaidhean eadar-nàiseanta, ged a tha na Stàitean Aonaichte a' cumail a-mach gu bheil a' chìs a' dèanamh dìmeas air companaidhean Aimeireaganach.

Prìosan Cheann Phàdraig

Tha luchd-sgrùdaidh ag ràdh gur e cion luchd-obrach as coireach ri trioblaidean aig Prìosan Cheann Phàdraig, agus nach bi adhartas ann gus an tèid dèiligeadh ri sin. Dh'fhosgail am prìosan ùr ann an 2014, ach tha an aithisg seo ag ràdh gu bheil cion luchd-obrach a' toirt droch bhuaidh air a h-uile roinn a th' anns a' ghoireas. Dh'aidich Seirbheis nam Prìosan nach eil cùisean cho math 's a dh'iarradh iad ann an Ceann Phàdraig.

Port-Fànais

Tha iomairt air tòiseachadh an aghaidh a' phlana airson port-fànais ann an Uibhist a Tuath. Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur taic ris an leasachadh ann an Scolpaig, ach tha buidheann anns an sgìre ag ràdh gun dèanadh an leasachadh raon-concreit de chladach phrìseil. Thuirt a' Chomhairle gur aithne dhaibh gu bheil dragh air feadhainn, ach gu bheil mòran taice ann cuideachd, agus gum faigh a h-uile duine cothrom am beachdan a dhèanamh soilleir.

Muile

Tha feadhainn a' ceasnachadh a bheil e laghail cìsean parcaidh a stèidheachadh ann am Muile. Tha feadhainn de mhuinntir an eilein air comhairle laghail iarraidh 's iad mì-thoilichte mu na cìsean parcaidh ùra a stèidhich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a' mhìos seo chaidh ann an Creag an Iubhair agus Fionnphort.