Tuiltean an Inbhir Pheofharain

Inbhir Pheofharain Image copyright Andrew Smith

Tha uisge trom tron oidhche air tuiltean adhbharachadh ri grunn rathaidean ann an Siorrachd Rois.

'S e an A834 ann an Inbhir Pheofharain as miosa, eadar solais-thrafaig Rathad a' Bhaile Ùir gus ceann na Prìomh Shràide a dh'ionnsaigh stèisean nam Poileas agus Ceann an Iar a' bhaile.

Thuirt labhraiche bho Chomhairle na Gàidhealtachd gum bi an rathad dùinte gus am falbh an t-uisge gus am faighear air measadh a dhèanamh air a' mhilleadh a rinneadh.

Tha na rathaidean air cùlaibh oifisean na Comhairle an Inbhir Pheofharain cuideachd fo thuil.

Bha Craobh-Shràid Ghladstone dùinte thar na h-oidhche aig geata an raoin-pharcaidh.

Thuirt a' Chomhairle gun robh a h-uile goireas a dh'fhaodas iad a chur ann an làthair tron oidhche a dhèiligeadh ris na tuiltean, 's gu bheil ìre Allt a' Bhogain a-niste air ais dhan àbhaist.