Iomairt an aghaidh phort-fànais Uibhist a Tuath

Rocaid Image copyright Getty Images

Tha iomairt air tòiseachdainn ann an Uibhist a Tuath a tha ag amas stad a chur air a' phort-fànais a thathar an dùil a stèidheachdh aig Scolpaig.

Tha beachd ann gun tèid milleadh a dhèanamh air àrainneachd agus seallaidhean na sgìre le leasachadh de a sheòrsa.

Tha làrach-lìn fon ainm Buidheann Ghlèidhteachais Uibhist a Tuath ag iarraidh air daoine am beachdan an aghaidh port-fànais a thogail agus 'son a dhèanamh soilleir do Chomhairle nan Eilean Siar.

Dh'fhoillsich a' Chomhairle fiosrachadh aig coinneimh phoblaich an Uibhist a Tuath toiseach na bliadhna.

Air a' mhìos a chaidh chuir a' Chomhairle taic de £1m ris, airson an talamh a cheannachd.

Thathas an dùil gun tigeadh grunn obraichean an cois a' phròiseict, ach tha an fheadhainn a tha na aghaidh ag ràdh gum milleadh e sgìre bhrèagha.

Ach tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur dìon air na planaichean.

Thuirt iad gu bheil iad mothachail do chuid de dhraghan mun phort-fànais a tha san amharc aig Scoplaig, ach cuideachd gu bheil mòran taic sa choimhearsnachd.

Tha dùil aca coinneamhan poblach fiosrachaidh a chumail san Lùnastal.

Thuirt iad gun tèid dèiligeadh san dòigh àbhaistich, phoblaich, ris an iarrtas dealbhachaidh, le cothrom dhan a h-uile duine am beachdan a chur air adhart.