Fear motar-baidhseagal air a leòn

Chaidh fear motar-baidhseagal a leòn ann an tubaist ann an Earra-Ghàidheal Diciadain.

Bha an duine a' siubhal air an A828 faisg air an Apainn nuair a thachair an tubaist mu 10:30.

Tha dùil gur e craobh a thuit a dh'adhbharaich an tubaist.

Chaidh an rathad a dhùnadh airson uair a thìde.

Thuirt na poilis nach eil dùil gu bheil an duine ann an cunnart a bheatha.