Rabhadh mun aimsir

Uisge Image copyright Getty Images

Thathas a' gealltainn tàirneanaich agus dealanaich airson pàirtean de dh'Alba Diciadain agus Diardaoin.

Chuir Oifis na Sìde rabhadh buidhe a-mach airson an dà là bho 12:00f gu 9:00f.

Dh'fhaodadh uisge trom a bhith ann air Ghàidhealtachd agus air taobh sear na dùthcha.

Thuirt Oifis na Sìde gum faodadh tuiltean a bhith ann agus gum faodadh an t-uisge buaidh a thoirt air dràibhearan.

Tha rabhadh ann cuideachd airson Èirinn a Tuath Diciadain agus taobh sear Shasainn Diardaoin.