100 madadh-uisge marbh an Cataibh

Sligean nam madaidhean-uisge a chaidh a phoidseadh Image copyright SNH

Tha na Poilis a' rannasachadh mar a chaidh madaidhean-uisge a phoidseadh air abhainn air Ghàidhealtachd.

Chaidh mu 100 slige den mhaorach thearc a lorg air bruaich Uisge Òiceal, faisg air an Lùb Chruaidh ann an Cataibh, air 4mh Iuchar.

Tha na Poilis an dùil gun deach am poidseadh uaireigin san dà mhìos a dh'fhalbh.

Chaidh na sligean fhosgladh air eagal 's gun robh neamhnaid annta.

Casg

Thachair a leithid air abhnichean eile air Ghàidhealtachd sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha àite cudromach aig a' mhadadh-uisge ann an èiceo-shiostam na h-aibhne.

"'S e eucoir a th' ann a bhith a' cur dragh orra, gam marbhadh no iad a bhith an sealbh aig daoine, agus tha leithid de phoidseadh na bhriseadh dùil mòr don a h-uile duine a tha ag obair gus am maorach seo, a tha fo dhìon laghail, a ghlèidheadh," thuirt oifigear eucorra fiadh-bheatha Poileas Alba, Dominic Corcoran.

"Tuigidh sinn nach e priobadh na sùla a th' ann an dà mhìos, ach dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic dol-a-mach amharasach mu Uisge Òiceal sna mìosan mu dheireadh fios a chur oirnn.

"Ge b' e cò a th' air cùlaibh seo, bha aca ri ùine mhòr a chur seachad a' toirt na h-àireimh seo de mhadaidhean-uisge às an abhainn."

Mu 50 bliadhna air ais bhiodh luchd-siubail a' trusadh nam madaidhean-uisge airson na neamhnaidean - a tha gu math priseil - a thoirt àsta.

Bha fhios acasan ge-tà, cò an fheadhainn a bu dualtaiche neamhnaid a bhith nam broinn, ri linn an coltais, 's chan fhosgladh iad ach an fheadhainn sin.

Le càraichean ge-tà, bha e comasach do dhaoine astairean mòra a shiubhal gam faighinn, 's chaidh uiread dhiubh a mharbhadh 's gun deach an t-iasgach eachdraidheil seo a chasg.

Neamhnaidean

Tha an suidheachadh cho dona 's gu bheil Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air rabhadh a thoirt gum faodadh am madadh-uisge - a tha eadar-dhealaichte a rèir na h-aibhne sa bheil iad a' tighinn beò - a dhol à bith ann an cuid de dh'aibhnichean na h-Alba ri linn poidsidh.

Faodaidh am madadh-uisge a bhith beo cho fada ri 130 bliadhna ann an aibhnichean luath.

Nan òige, thig iad beò gun bhuaidh air gàilleach bhreac is bhradan òga.

Tuitidh iad an uair sin, a ghreimeachadh air bonn na h-aibhne, far am fàs iad mòr, 's iad a' siltreachadh bìdh às an t-sruth.

Thèid neamhnaidean a chruthachadh nuair a thig pìos gainmhich no eile nam broinn, a tha gan goirteachadh, 's leigidh iad stuth a-mach a phasgas am bloigh gainmhich airson cur às don tachas.

Tha e mì-laghail beantainn dhaibh ma chìthear iad ann an abhainn.