Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt an t-seann Phrìomhaire, Sir John Major, gu bheil esan deiseil airson a dhol gu cùirt gu pearsanta ma 's e agus gum feuch Boris Johnson ri Brexit gun aonta a chur troimhe. Dhiùlt Mgr Johnson a ràdh anns an deasbad telebhisein le Jeremy Hunt an-raoir, nach cuireadh e casg air obair na Pàrlamaid mar dhòigh air sin a dhèanamh. Thuirt Sir John, a tha a' cur a thaic ri Mgr Hunt, nach urrainn do dhuine sam bith an còraichean a chumail bho bhuill na Pàrlamaid.

Thuirt Rùnaire Albannach nan Làbarach, Leslie Laird, nach do cho-dhùin am pàrtaidh fhathast dè am poileasaidh air Brexit nam biodh taghadh coitcheann ann. Dh'innis i dhan BhBC gum biodh na Làbaraich a' feitheamh a dh'fhaicinn dè suidheachadh a bhiodh ann aig an àm.

Èirinn a Tuath

Chaidh fàgail air Buill-Phàrlamaid gun do rinn iad dìmeas air fèin-riaghladh le bhòtadh airson pòsaidhean aon-ghnèitheach agus fuasgladh air riaghailtean casg-breith ann an Èirinn a Tuath mura tòisich Seanadh Stormont a-rithist ro dheireadh na Damhair. Thuirt Pàrtaidh Deamocratach an Aonaidh nach tug buill ann an Westminster feart sam bith air beachd mhuinntir Èireann a Tuath. Chuir Sinn Féin fàilte air a' bhòt.

An Eaconomaidh

Thàinig fàs 0.3% air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte san Ògmhios, agus thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun robh toradh GDP na dùthcha suas cuideachd 0.3% anns na trì mìosan dhan Ògmhios. Ged a tha sin ìosal gu h-eachdraidheil tha e nas fheàrr na bha dùil, le fàs gu h-àraid ann an roinnean IT, conaltradh agus na chaidh a reic ann am bùthainnean.

Ioran

Thuirt an Cabhlach Rìoghail gu bheil soithichean cogaidh aca ann an gulfa Oman airson dìon a chur air luingeas Breatannach, an dèidh do Bhreatainn smachd a ghabhail air tancair ola Ioràinianach faisg air Gibraltar an t-seachdain seo chaidh. Tha Ceann-Suidhe Ioran, Hassan Rouhani, air a bhith a' maoidheadh dìoghaltais air Breatainn.

A' Ghearmailt

Chaidh binn beatha sa phrìosan air fear às a' Ghearmailt a mhuirt nighean 14 bliadhna de dh'aois. Bha e air faileachadh air Ali Bashar, a tha 22 bhliadhna de dh'aois agus a bhuineas do dh'Iorac, cead comraich fhaighinn anns a' Ghearmailt. Tha buidhnean na fìor-làimhe deise sa Ghearmailt a' cleachdadh na cùise airson cuideam a chur air Riaghaltas na Gearmailt airson poileasaidh nas cruaidhe air in-imreachd.