Sgeama maoineachaidh Tasgadh a' leantainn

Airgead Image copyright PA Media

Tha an sgeama maoineachaidh Tasgadh air fhosgladh a-rithist airson pròiseactan ealain ann an Alba is Alba Chruthachail air dearbhadh gum bi còrr is £30,000 ri fhaighinn tron sgeama am-bliadhna.

Tha Tasgadh air a ruith tro Fhèisean nan Gàidheal is e fosgailte do luchd-ealain a tha feumach air suim-airgid suas ri £1,000 mu choinneimh phròiseactan ciùil, dannsa no sgeulachdan a thoirt air adhart.

Chaidh an sgeama a chruthachadh ann an 2015, 's tha e air a bhith a' dol gach bliadhna bhon uair sin.

Fhuair còrr is 200 pròiseact £160,000 eatorra anns an ùine sin.

"Tha an sgeama gu math fosgailte, 's tha sin a' ciallachadh gu bheil luchd-ciùil a' cur a-staigh airson taic 's dòcha le cuairt bheag a chur air dòigh, no 's dòcha airson leasachadh pearsanta a dhèanamh," thuirt Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig.

"Tha cuid air taic fhaighinn airson filmichean a dhèanamh a tha an cois òran a chaidh a chur a-mach air clàr.

Iongnadh

"Tha daoine a' faighinn freagairt taobh a-staigh mìos às dèidh dhaibh iarrtas a chur a-steach, agus chan eil mòran aca ri dhèanamh às dèidh làimh ach dìreach aithisg a chur thugainn airson an cuibhreann mu dheireadh den airgead fhaighinn.

"'S dòcha gun cuireadh e iongnadh air daoine cho farsainn 's a tha an t-airgead a' dol ann an dòigh.

"Glè thric le buidhnean beaga no le luchd-ealain fhèin tha airgead caran beag a' dèanamh feum gu math mòr dhaibh," thuirt e.

Tha cola-deug ri dhol mus bi a' chiad cheann-là ann airson cur a-steach airson airgid tro Thasgadh, an 26mh là den Iuchar.

Bidh dà chothrom eile ann cur a-steach airson airgid tron sgeama mus tig e gu ceann tràth an ath-bhliadhna.