Dùil gun tig meanbh-chuileagan nam plàigh fhathast

Meanbh-chuileag Image copyright Science Photo Library

Tha eòlaichean ag ràdh gun nochd àireamh mhòr de mheanbh-chuileagan sna beagan sheachdainnean ri thighinn.

Thàinig a' chiad fheadhainn am-bliadhna sa Chèitean dà sheachdain nas tràithe nan àbhaist, a rèir luchd-saidheans.

'S e bu choireach ris gun robh an aimsir nas blàithe nan àbhaist.

Ach dh'fhàg an t-sìde fhionnar agus chaochlaideach o nuairsin nach robh na h-uimhir de na biastagan beaga bìdeach as àbhaist a bhith ann san Ògmhios.

Ach tha a' bhuidheann, APS Biocontrol Earrranta, a bhios a' tomhas na dh'fhaodas a bhith ann dhiubh, den bheachd gun tig gu leòr dhiubh fhathast.

Tha stiùiriche na buidhne, an Dtr Alison Blackwell, ag ràdh gun do thòisich an seasan gu math dha na meanbh chreatairean aig toiseach a' Chèitein, gu h-àraid ann an Earra-Ghàidheal.

Image copyright Getty Images
Image caption Nochd a' chiad ghinealach de mheanbh-chuileagan am bliadhna nas tràithe nan àbhaist

"Bidh a' chiad ghinealach ag àlachadh agus an dèidh mu shia sheachdainean thig dàrna ginealach bho na h-uighean aca.

"Uaireanan tha sin a' tachairt nas luaithe ma tha sìde bhlàth ach tha cho fionnar sa bha an t-Ògmhios a' ciallachadh nach do nochd an dàrna ginealach de mheanbh-chuileagan.

"Tha iad a' sìor nochdadh a-nise ge-tà agus tha dùil ri pailteas dhiubh fhathast le aimsir nas fliche agus nas blàithe," mhìnich an Dtr Blackwell.

Tha rabhadh ann gum faodadh treas ginealach de mheanbh-chuileagan a bhith ann am-bliadhna - rud nach eil idir àbhaisteach - ach a thachair ann an 2015.

"Bidh na meanbh-chuileagan a thig gu bith an-dràsta a' briodaigeadh agus a' cur uighean, agus tha teansa ann gum faic sinn treas àl aig toiseach an Fhoghair," thuirt an Dtr Blackwell.

Image copyright Dr Alison Blackwell
Image caption 'S àbhaist do sheasan nam meanbh-chuileagan tòiseachadh sa Chèitean agus a' tighinn gu ceann san t-Sultain

Tha seasan na meanbh-chuileige a' tòiseachadh mar as àbhaist ann am meadhan a' Chèitein agus a' maireachdainn gu deireadh na Sultaine.

Ann an 2017, bhathar a' tomhas gum faodadh gun robh 21 bilean de na meanbh bhiastagan air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.

'S iad an fheadhainn bhoireann a bhios a' bìdeadh dhaoine agus iad feumach air fuil airson agus gun tig na h-uighean aca gu ìre.

Bidh an fheadhainn fhireann a' tighinn beò air sile agus seòrsaichean siucair nàdarra eile.

Tha gnè eile de mheanbh-chuileag, Chironomid, ri faighinn ann an Alba nach bi i a' bìdeadh.