Dh'ainmicheadh fear a bhàsaich an tubaist

An Luirg Image copyright Google

Chaidh fear a chaill a bheatha ann an tubaist rathaid ann an Cataibh an t-seachdain seo chaidh ainmeachadh.

Bhàsaich Vladimir Rysavka, a bha 41 agus a bhuineadh do Phoblachd nan Seice, aig làrach na tubaiste an dèidh dhan mhotar-baidheasagail aige agus carbad Ford Ranger bualadh na chèile.

Bha e a' siubhal còmhla ri buidheann de dhaoine air motar-baidhseagailean mu 12:05m Diardaoin, mu mhìle tuath air an Luirg air an A836.

Cha deach draibhear a' charbaid a ghoirteachadh.

Tha na poilis fhathast ag iarraidh fiosrachaidh neo chluinntin bho dhuine sam bith as aithne dad mu na thachair.