Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tosgaire Bhreatainn ann an Washington

Tha am Morair Hague, a bh' ann an dreuchd Rùnaire nan Dùthchannan Cèin aig aon àm, ag ràdh gum feum an ath Phrìomhaire taic a chur gu poblach ri tosgaire Bhreatainn ann an Washington, Sir Kim Darroch. Thuirt an Ceann-suidhe Trump an-raoir nach gabh esan an còrr gnothach ri Sir Kim an dèidh do phuist-dealain tighinn am follais anns an tuirt esan gun robh an Taigh Geal leibideach.

Brexit

Tha coltas ann gum faodadh na Làbaraich am poileasaidh air Brexit atharrachadh agus caibineat a' phàrtaidh a' coinneachadh an-diugh. Tha seo an dèidh co-dhùnadh nan còig aonaidhean as motha a tha a' cur taic ris na Làbaraich gun cuir iadsan an taic ri aonta sam bith dhan tig an ath Phrìomhaire. Thuirt Ministear an Taigheadais aig na Làbaraich, Sarah Jones, gu bheil a h-uile coltas ann a-nist gun dèan iad iomairt airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach.

Smocadh

Chaidh pàipearan fhoillseachadh, gun chead, a tha a' sealltainn gu bheil an Riaghaltas ag amas air cur às do smocadh gu lèir ro 2030. Tha na pàipearan, a chaidh fhoillseachadh ann an Daily Mail, ag ràdh gur ann air na companaidhean tombaca a thuiteadh a' chosgais 'son daoine a chuideachadh gu sguir de smocadh.

Drugaichean mì-laghail an Alba

Gheibh buill-phàrlamaid fiosrachadh an-diugh mu ìre na trioblaid le drugaichean mì-laghail ann an Alba. 'S i Alba an dùthaich as miosa sa Roinn Eòrpa le bàs ri linn dhrugaichean, a rèir àireamh an t-sluaigh, le còrr 's 900 bàs an-uiridh. Bidh Comataidh nan Cùisean Albannach agus Ministear na Slàinte Poblaich ann an Alba, Joe Fitzpatrick, a' coinneachadh an-diugh a dheasbad leasachadh air an t-suidheachadh.

Sgìrean glèidhte aig muir

Bidh coinneimhean anns na h-Eileanan Siar eadar seo agus deireadh na mìos a' toirt cothrom do dhaoine beachdachadh air molaidhean 'son sgìrean glèidhte ùra aig muir. Tha na sgìrean glèidhte MPA connspaideach agus iasgairean a' cumail a-mach gu bheil iad a' dèanamh cron orrasan. Tha Dulachas Nàdair na h-Alba a' moladh ceithir eile dhiubh sin, agus tha trì dhiubh mu na h-Eileanan Siar. Bidh còig coinneamhan ann eadar seo agus deireadh na mìos agus mairidh a' cho-chomhairle mìos eile an dèidh sin.

Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha taigh-tasgaidh ùr Gheàrrloch a' fosgladh gu h-oifigeil an-diugh. Chosg am pròiseict còrr 's £2m agus tha an taigh-tasgaidh stèidhichte a-niste ann am bunker a bh' ann bho am a' Chogaidh Fhuair. Chruinnich muinntir an àite mòran den airgead iad fhèin agus ghabh iad sealbh air an làraich air an robh depot nan rathaidhean aig Comhairle na Gàidealtachd aig aon àm. Tha leabhar-lann, bùth agus àite-bìdh ann cuideachd a bharrachd air an taigh-tasgaidh.

Tubaist rathaid

Dh'inns poilis gur e fear à Poblachd nan Seiceach a chaill a bheatha ann an tubaist tuath air an Luirg an t-seachdain seo chaidh. B' e sin Vladimir Rysavka, a bha 41. Thachair an tubaist feasgar Diardaoin mu mhìle tuath air a' bhaile. Tha poilis fhathast ag iarraidh fiosrachaidh neo chluinntin bho dhuine sam bith as aithne dad mu na thachair.