Ceist mu My Ness

My Ness Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh dàil air pròiseict ealain chonnspaidich ann an Inbhir Nis.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead do phròiseict My Ness roimhe, is iad ag ràdh gun toir e cothrom do dhaoine tighinn còmhla ann an àite brèagha.

Fon phròiseict, rachadh àiteachan cruinneachaidh a thogail air gach taobh de dh'Abhainn Nis ri taobh Eileanan Nis.

Tha e na phàirt de thrì pròiseactan ùra ealain timcheall air Abhainn Nis aig cosgais £750,000.

Tha connspaid gu leòr air a bhith ann ge-tà is cuid ag ràdh gun dèanadh My Ness milleadh air bòidhchead nàdarra.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Bha mì-thoileachas ann cuideachd is feadhainn a' fàgail air a' Chomhairle gun tug iad cead seachad gun deasbad dòigheil mun chùis.

Chaidh ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, às àicheadh sin is i ag ràdh gun robh co-chomhairle ann is cothrom aig daoine am beachd a thoirt seachad.

Ach tha e air tighinn am bàrr a-nise nach tèid obair-togail air na trì pròiseactan air adhart aig an ìre seo.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun deach dàil air obair is gun tèid an gnothach a dheasbad aig coinneimh shònraichte de Chomataidh Baile Inbhir Nis air an 20mh den Lùnastal.

Bidh aithisgean ann mu na trì pròiseactan.

'S e coinneamh phoblach a bhios ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile