Oidhche shònraichte dha na Hearadh

Na Hearadh

Bha oidhche air leth aig na Hearadh ann an Nis Diluain is iad a' buannachadh geama lìge 'son a' chiad turas bho thill iad dhan fharpais.

Rinn iad an gnothach ann an stoidhle cuideachd le Nis a phronnadh 6-2.

Thàinig na tadhail bho Sheumas MacIlleathain (3), Ùisdean Russell, Hugh Moireasdan, is Chris MacThòmais.

Fhreagair Lee Johnson is Caoimhin 'Bloxy' Moireach airson Nis.

Tha na Hearaich a-nise co-ionnan còmhla ri Aths san lìog is dìreach puing air cùl Nis fhèin.

Tha an Rubha fhathast aig mullach na lìge is iad air na Lochan a sgiùrsadh 6-1 oidhche Luain.

Bha Ally 'Wally' MacÌomhair aig cridhe ghnothaichean a-rithist le trì de na tadhail.

Chum an Taobh Siar cuideam air na Rubhaich nuair a bhuannaich iadsan 2-1 an aghaidh United.

'S e OG is tadhal bho Mhàrtainn Shields a rinn an gnothach dha na Siaraich.

Tha am Bac san treàs àite is iad air soirbheachadh 2-1 ann an geama teann an aghaidh Aths.

Tha geamaichean ionadail na seachdain mar a leanas:

Dihaoine 12/07

Cupa a' Cho-op

Athletic - Barraigh 6f air an Tairbeart

Cupa Rois

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Gleann Eilg 7f

Disathairne 13/07

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

GA United - An Caol 6f

Cupa Rois

Slèite is an Srath - Malaig 2.30f

Port Rìgh - Caol Àcainn 6f

Cupa a' Cho-op

Càrlabhagh - An Rubha 6.30f

Na Lochan - Beinn nam Fadhla 11.30m

Southend - An Taobh Siar 11.30m

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile