Cabers ag amas air an tuilleadh eachdraidh

Taghadh. Image copyright Neil G Paterson
Image caption Chaidh an taghadh a dhèanamh aig stèisean radio MFR.

Tha Cabair Fèidh ag amas air caibideal ùr a sgrìobhadh nan eachdraidh ann an Cupa na Camanachd is fios aca a-nise gur e Baile Ùr an t-Slèibh a bhios nan aghaidh san iar-chuairt dheireannaich.

Tha Cabers aig an ìre seo den fharpais airson a' chiad turas bho 1963 às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Loch Abar 7-4 Disathairne.

Feumar a dhol air ais nas fhaide na sin, gu 1939, airson an turas mu dheireadh a bhuannaich iad an cupa.

Tha sgeulachdan air an innse fhathast mun sgioba sin aig Cabers a rinn a' chùis air Caol Bhòid ann an Inbhir Nis sa bhliadhna 'ud, is gu dearbh air an dearbh sgioba ann an Inbhir Aora ann an cuairt dheireannach 1934.

Tobar

Cha robh an taghadh Diluain buileach fàbharach do Chabair Fèidh is am Baile Ùr air Cupa na Camanachd a bhuannachadh trì bliadhna ann an sreath.

Ged a bhios mòran an dùil mar sin gur e am Baile Ùr a nì a' chùis an seo, tha eòlaiche na h-iomain, Ùisdean MacIllinnein, ag ràdh gu bheil dòchas ann do Chabair Fèidh.

Is tha e den bheachd gum bi an eachdraidh a th' aca san fharpais na cuideachadh dhaibh.

"Tha eachdraidh mhòr aca. San deich bliadhna fichead a-steach dhan linn a chaidh bha Cabair Fèidh cho math ri sgioba ann an saoghal na camanachd", thuirt Ùisdean.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Beachd bho Ùisdean MacIllinnein.

"Tha iad an còmhnaidh a' tarraing air sin. 'S e sgioba a th' ann a tha gu math moiteil às an eachdraidh a th' aca.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil sin a' dol a chunntais tòrr sa gheama seo.

"Bidh feagal am beatha air Baile Ùr an t-Slèibh a' tighinn a-steach dhan gheama seo o chionn 's e nàdar de bhanana a th' ann is dh'fhaodadh iad an casan a chall.

"Bidh Cabair Fèidh a' tarraing air nas urrainn dhaibh bhon tobar a tha sin", thuirt e.

Bidh an geama ann Disathairne an 27mh den Iuchar aig Pàirc a' Bhucht.

Beò

San iar-chuairt dheireannaich eile, bidh Caol Bhòid no Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Cheann Loch Seile no Camanachd an Òbain.

Bidh cùisean nas soilleire a thaobh sin oidhche Shathairne is Ceann a' Ghiuthsaich a' dol a Thaigh na Bruaich is Camanachd an Òbain a' tadhail air a' Chlachan Aillseach.

Bidh an dàrna iar-chuairt dheireannach ann Disathairne an 10mh den Lùnastal.

Thèid an dà gheama a chraoladh beò air BBC ALBA.