Taigh-tasgaidh Gheàrrloch gus fosgladh

Taigh-tasgaidh Gheàrrloch
Image caption Chaidh togalach bho àm a' Chogaidh Fhuair a sgeadachadh is an taigh-tasgaidh a-nise stèidhichte ann.

Thèid taigh-tasgaidh ùr Gheàrrloch fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt.

Tha grunn bhliadhnaichean ann bho thòisich oidhirp gus taigh-tasgaidh ùr a stèidheachadh san sgìre, is an togalach a bh' ann air fàs ro bheag dhaibh, is an t-aonta a chleachdadh air màl cuideachd gus tighinn gu ceann.

Fhuaireadh sealbh air togalach bho àm a' Chogaidh Fhuair, agus às dèidh airgead a thogail is obair-sgeadachachaidh a dhèanamh air, tha an taigh-tasgaidh ùr a-nise deiseil.

Cuirm

Chosg a' phròiseact £2.4m, 's àite ann airson taisbeanaidhean, a bharrachd air goireasan mar leabhar-lann, bùth agus àite-bìdh.

Thuirt Roy Mac an t-Saoir bho Thaigh-tasgaidh Gheàrrloch gur e slighe fhada a bh' ann ach gu bheil goireas air leth aca a-nise.

Ged a tha an taigh-tasgaidh ùr air fosgladh mar-thà, bidh cuirm aca madainn Dimàirt gus fhosgladh gu h-oifigeil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile