Nithear obair a bharrachd air Rathad an t-Sròim

Obair

Tòisichidh an obair airson an leathad creagach ri taobh seach-rathad an t-Sròim a dhèanamh seasmach san t-Sultain.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi an A890 dùinte air an oidhche fad dà mhìos airson leigeil leis an obair a dhol air adhart.

Bidh iad a' cur lìn ùra an sàs gus nach tig a' chreag os cionn an rathaid a-nuas mar a thachair san Dùbhlachd 2011.

Dh' adbhraich sin gun robh an rathad a tha a' ceangal Loch Aillse agus Loch Carann dùinte fad grunn mhìosan, a' fàgail gun robh e aig dràibhearan ri slighe mòra nas fhaide, 130 mìle, a ghabhail.

Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil obair na bliadhna-sa a' dol air adhart an dèidh chòmhraidhean le muinntir na sgìre.

Bidh an rathad a' dùnadh tron oidhche, eadar 10.00f gu 7.00m.

Bidh e dùinte gu lèir fad aon deireadh-sheachdain - an 13mh gu 16mh den t-Sultain.

Tron là faodaidh dàil de suas ri 20 mionaid a bhith air dràibhearan.