Beachdan gan iarraidh air sgìrean glèidhte ùra aig muir

Caolas Bharraigh

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' moladh inbhe dìon a chur air ceithir sgìrean mara eile, trì dhiubh mu na h-Eileanan Siar.

Cumaidh buidheann glèidhteachais an Riaghaltais sreath choinneamhan poblach san sgìre airson cothrom a thoirt do dhaoine beachdachadh air na molaidhean.

Tha cuspair nan sgìrean glèidhteachais mara air a bhith caran connspaideach gu seo.

Air aon làimh tha beachd ann gum feumar sgìrean a chomharrachadh airson creutairean mar mhucan-mara-mionc, agus leumadairean Risso a dhìon cho math ri lusan a tha a' fàs air grunnd na mara.

Tha iasgairean ge-tà a' cumail a-mach gu bheil iad a' cur bacadh air an obair aca, gu h-àraid cliathadh grunnd na mara airson chreachain.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a ràdh roimhe gu bheil tuilleadh sa chòrr de na sgìrean glèidhteachais ann an uisgeachan na sgìre agus gu bheil iad a' cur bacadh air leasachaidhean eaconamaigeach, aig muir agus air tìr.

Image caption Tha iasgairean a' cumail a-mach gum bi sgìrean glèidhteachais aig muir a' cur bacadh air an obair aca.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' gluasad air adhart le molaidhean airson ceithir sgìrean eile, trì dhiubh sin far chladaichean nan Eilean Siar.

Tha tè an ear-thuath de Leòdhas, a' ruith grunn mhìltean tuath air Rubha Robhanais agus sìos cho fada ri Grabhair agus pìos a-mach air a' Chuan Sgìth.

Tha moladh ann cuideachd a' mhuir mu na h-Eileanan Mòra a chomharrachadh mar sgìre ghlèidhte.

'S e an sgìre as motha a tha an luchd-glèidhteachais airson a chomharrachadh Cuan Innse Gall, mar a chanar ris. Tha sin a' ruith bho Uibhist sìos cho fada deas ri Earra-Ghàidheal.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba cuideachd a' coimhead ri sgìre glèidheatachais a dhèanamh bho chosta Mhoireibh airson na leumadairean mara ann an sin a dhìon.

Thuirt Karen Gillham, ceannard siostaman mara na buidhne, gum bi na sgìrean glèidhteachais seo a' cuideachadh le bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil Alba a' coinneachadh ris na dleasdanasan eadar-nàiseanta aca a thaobh dìon na h-àrainneachd.

Bidh cothrom aig an t-sluagh am beachdan a thoirt seachad agus còig làithean fiorachaidh gu bhith sna h-Eileanan:

Barraigh - 16mh den Iuchair

Loch Baghasdail - 17 den Iuchair

Loch nam Madadh - 18mh den Iuchair

An t-Òb - 23mh den Iuchair

Steòrnabhagh - 25mh den Iuchair

Bidh na sèiseanan sin ann eadar 2f is 8f.

Tha an co-chomhairleachadh a' dol gu deireadh na h-ath mhìos.

Tha barrachd fiosrachaidh an seo.