Plana 'son loidse air oighreachd Ghàidhealach air a tharraing

Sheikh Mohammed Bin Rashid al-Maktoum Image copyright Reuters

Chaidh plana riaghladair Dhubai 'son loidse air oighreachd Ghàidhealach a tharraing.

Bha connspaid a' cuairteachadh a' mholaidh airson taigh anns am biodh naoi seòmraichean-cadail air Oighreachd Inbhir Ìonaid.

Chuir Sheikh Mohammed bin Rashid al Maktoum an t-iarrtas gu Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh ach thathar a' tuigsinn nach eil e gu bhith a' leantainn air leis a' phlana.

Chaidh cead a thoirt dha am-bliadhna loidse anns am bi 19 seòmraichean-cadail cho math ris an taigh a tha uidhear de chonnspaid adhbhrachadh.

Bha cuid a dhaoine air cur na aghaidh leis gum biodh an togalach ro mhòr agus ro fhaisg air taighean an ath-dhoras.

Bha dragh air fear de na nàbaidhean a bhitheadh ann, Ruairidh MacLeòid, gum biodh an taigh a' toirt buaidh air a chuid phrìobhaideachd.

Image caption Bha Ruairidh MacLeòid iomagaineach gum biodh an loidse ùr ro fhaisg air an taigh aige
Image caption Tha taigh Ruairidh MhicLeòid air a bhith leis an teaghlach airson 30 bliadhna

Bha e fhèin agus Comhairle Coimhearsnachd Loch Dubhthaich, a bha cuideachd air cur an aghaidh nam planaichean, den bheachd gu bheil talamh gu leòr eile ann air an oighreachd far an gabhadh taigh a thogail.

Bha an oighreachd air am plana airson an loidse ùir a tharraing roimhe, mus do chuir iad a-steach iarrtas ùr air làrach pìos beag air falbh bhon taigh aig Ruairidh MacLeòid. Tha iad a-nis air an t-iarrtas a tharraing buileach.

Tha mar-thà taigh mòr air an oighreachd a bharrachd air taigh le 16 seòmraichean-cadail, le amair-snàimh agus làraich far an laigheas heileacoptair.

Tha aithrisean ann gu bheil an sheik agus an t-siathamh bean as òige aige, a' Bhana-phrionnsa Haya bint al Hussein, air a dhol a-mach air a' chèile.

Tha an sheikh pòsta aig sianar bhoireannach agus tha 23 duine cloinne aige.

Thathar a' tuigsinn gu bheil a' Bhana-phrionnsa Haya am falach ann an Lunnainn le a cuid chloinne.

Tha an duine aice ga toirt gu lagh agus tha dùil ri èisteachd aig an Àrd Chùirt ann an Lunnainn ro dheireadh na mìos.