Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Puist-dealain

Chàin Rùnaire na Malairt Eadar-nàiseanta mar a chaidh puist-dealain a sgaoileadh gun chead, agus anns an tuirt tosgaire Bhreatainn ann an Washington, Sir Kim Darroch, gu bheil an Taigh Geal leibideach. Thuirt an Dr Liam Fox nach eil ge bith cò sgaoil na puist-dealain a' sealltainn mòran gràdh-dùthcha. Thuirt an Ceann-suidhe Trump nach eil Sir Kim a' riochdachadh Bhreatainn mar bu chòir.

Brexit

Thuirt an seirbhiseach catharra, a bha os cionn roinn Bhrexit an riaghaltais, gum bu chòir dragh a bhith air a h-uile duine gu faodadh Breatainn falbh às an Aonadh Eòrpach gun aonta. Tha Philip Rycroft air a bhith a' bruidhinn gu poblach 'son a' chiad uair bho dh'fhàg e an dreuchd sa Mhàirt. Dh'innis e dhan phrògram Panorama aig a' BhBC gu bheil cunnartan mòra ann am Brexit gun aonta.

Pàislig

Tha dithis an greim aig polais a tha a' rannsachadh bàs nighean òig anns an do bhuail càr ann am Pàislig tràth sa mhadainn an dè. Chaochail an nighean, a bha 15, anns an ospadal an dèidh dhan chàr bualadh innte mu dhà uair sa mhadainn. Tha dùil ri dithis fhear, a tha le chèile 20, anns a' chùirt ann am Pàislig.

British Airways

Thuirt Oifis Chomiseanair an Fhiosrachaidh gu bheil iad am beachd a' chàin as motha riamh, naoi fichead 's trì millean not, a chur air British Airways 'son droch làimhseachadh air fiosrachadh mu luchd-cleachdaidh. Thuirt BA gum bi tagradh ann an aghaidh sin. Chaidh fiosrachadh bho chairtean ionmhais mu leth mhillean de luchd cleachdaidh BA a ghoid eadar an Ògmhios agus an t-Sultain an-uiridh.

Stailc

Bidh trì là de stailcean aig luchd-obrach nan seirbhisean iùil aig Puirt Adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean an ceann cealla-deug agus eas-aonta mu phàigheadh eadar iad agus HIAL. Bidh stailc aig Port Adhair Inbhir Nis a' chiad là thar fhichead, ann an Inbhir Ùige air an là an dèidh sin agus ann an Steòrnabhagh agus Beinn nam Faoghla air an treas là fichead. Dhiùlt an t-aonadh Prospect an tairgse mu dheireadh aig HIAL, a tha ag ràdh gu bheil riaghailtean na roinne poblaich a' ciallachadh nach urrainn dhaibh dad a bharrachd a thoirt seachad air na tha iad a' tabhann an-dràsta.

Crìosdaidhean

Tha athaisg neo-eisimealach ag ràdh gum feum riaghaltasan air feadh an t-saoghail tuilleadh dìon a chur air Crìosdaidhean a tha a' fulang geur-leanmhainn. Tha an athaisg ag ràdh gum bu chòir dha na Dùthchannan Aonaichte cuideam a chur air riaghaltasan anns an Ear Mheadhanach agus ann an Ceann a Tuath Afraga 'son saorsa creideimh a cheadachadh.

Lidl

Tha a' chompanaidh Lidl am beachd leudachadh ann an Alba le dusan bùth ùr agus mu chòig ceud cosnadh ùr. Tha cha mhòr ceud bùth aig Lidl ann an Alba an-dràsta.