Iomairt ùr airson fear-sreap a lorg

Màrtainn Rhodes Image copyright Martin Rhodes family

Tha Màrtainn Rhodes air a bhith a dhìth airson dà mhìos an dèidh dha a dhol a-mach a choiseachd faisg air Ceann Loch Iùbh.

Chaidh Mgr Rhodes, a tha 46 bliadhna de dh'aois agus a bhuineas do Yorkshire, fhaicinn mu dheireadh air 1mh den Chèitean.

Là na Sàbaid chaidh 26 de bhuill Sgioba Teasariginn nam Beann Dhùn Dòmhnaill a-mach còmhla ri cù agus iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air

'S ann ann an Lochan Fada, Mullach Coir Mhic Fhearchair agus am Meall Garbh a bu mhotha a bha an rannsachadh aca.

Image copyright Mike Brown
Image caption Bha 26 duine an sàs san oidhirp as ùir lorg fhaighinn air Màrtainn Rhodes

Thuirt fear-labhairt na sgioba: "Gu mì-fhortanach, cha d'fhuair sin fianais sam bith a dh'innseadh dhuinn càite a bheil Màrtainn agus tha e fhàthast gun sealladh air."

Tha daoine air a bhith a-muigh grunn thursan on fhuaireadh brath gu robh Mgr Rhodes air chall.