Dòchas mu lùghdachadh air bochdainn connaidh

Càrlabhagh

Tha achd ùr bho Phàrlamaid na h-Alba ag amas air gearradh sìos gu mòr air na tha de dhaoine a' fulang tro bhochdainn connaidh san ath 20 bliadhna.

Tha dùil gun tèid bile na bochdainn connaidh na lagh a dh' aithghearr an dèidh do bhuill-phàrlamaid an taic a chur ris air a' mhìos sa chaidh.

Tha dà phrìomh amas aig an achd ùr: dòigh nas fheàrr fhaighinn air mar a thathar a' meas bochdainn connaidh, agus buidheann a chur an-sàs, ceum air falbh bhon riaghaltas agus a'phàrlamaid, a bhios a' dèanamh cinnteach gu bheileas a' coileanadh nan amasan ùra.

Aig aon àm bhathar a' moladh an aon slat-tomhais a thaobh ìrean de bhochdainn connaidh a chleachdadh airson Alba air fad.

Chaidh argamaid a dhèanamh nach biodh sin cothromach do sgìrean an leithid nan Eilean Siar far a bheil e a' cosg mòran a bharrachd taighean a theasachadh agus far a bheil, sa chumantas, tuartastail nas ìsle.

Chaidh gabhail ris an argamaid sin agus, mar sin, thèid dà dhòigh ùr a chleachdadh, aon dhan dùthaich san fharsaingeachd agus tè eile airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean gu sònraichte.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air an ro-innleachd seo leis gu bheil iad a' riochdachadh na sgìre as miosa ann an Alba a thaobh bochdainn connaidh.

Thuirt cathraiche comataidh taigheadais agus coimhearsnachdan, an Comh. Coinneach MacLeòid, gu robh iad toilichte gun deach èisteachd ris na draghan a bh'orra an toiseach.

Thuirt e aon uair agus gum bi an lagh ùr an gnìomh gum bi e air leth fhèin cudromach dha na h-eileanan aguis uimhear de thaighean anns an sgìre air an comharrachadh mar-thà ann am bochdainn connaidh.