Stailcean a bharrachd aig puirt adhair a' Chinn a Tuath

Port Adhair Inbhir Nis Image copyright Getty Images
Image caption Tha Inbhir Nis am measg nan seachd puirt adhair aig HIAL air an toir stailc buaidh

Tha luchd-iùil nam plèanaichean a tha ag obair do Chompanaidh Phort Adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIAL) air làithean eile de stailc a ghairm.

Tha an t-aonadh aca, Prospect, ag ràdh gun do rinn iad seo an dèidh don luchd-fastaidh an t-iarrtas as ùir aca airson àrdachadh pàighidh a dhiùltadh.

Cha mhotha a ghabh buill an aonaidh ris an tabhartas as ùir bho HIAL sa bhaileat mu dheireadh a bh'aca.

Thuirt an t-aonadh gun dèanadh iad an dìcheall gun buaidh a thoirt air tachartasan mòra ach nach robh dol às aca ach stailc a ghairm.

Image caption Bidh buaidh a-rithist aig an stailc air Port Adhair Shumburgh

Cha bhi an luchd-iùil ag obair air na làithean a leanas:

Inbhir Nis - 21mh den Iuchair

Sumburgh, Kirkwall agus Inbhir Ùige - 22mh den Iuchair

Dùn Dè, Steòrnabhagh agus Beinn nam Faoghla - 23mh den Iuchair

A thuilleadh air an sin, bidh an luchd-iùil a' cumail orra gun a bhith a' dèanamh uairean obrach a bharrachd.

Thuirt oifigeach Prospect Dàibhidh Avery: "Ged a bhios sinn a' feuchainn gun buaidh a thoirt air rudan mòra a tha a' tachairt, tha stailcean gu nàdarrach a' dèanamh buairidh, gu h-àraid aig àm saor-laithean nan sgoiltean.

"Bu mhath leinn a ràdh a-rithist gu bheil sinn air a bhith a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn airson còrr agus bliadhna agus chan eil sinn a' faireachdainn gu bheil dòigh eile ann."

Nuair a chaidh buil a' bhaileit a chumadh san Ògmhios fhoillseachadh, thuirt àrd mhanadsair HIAL, Inglis Lyon, gur e briseadh-dùil a bh'ann dhaibh gun deach an tabhartas aca a dhiùltadh.

"Tha e mì-fhortanach gum bi stailc ann a-rithist aig an àm as trainge den t-samhradh, agus tha mi airson ar leisgeul a thabhann don luchd-siubhail, don luchd-cleachdaidh agus do na coimhearsnachdan a tha sinn a' frithealadh airson an troimhe-chèile a dh' adhbhraicheas seo."

'S ann le Riaghaltas na h-Alba a tha HIAL agus tha Prospect ag ràdh gu bheil luchd-iùil san roinn phrìbheadaich a' faighinn thuarastail mòran nas àirde.

Tha HIAl ag ràdh gu bheil iad air an cuingleachadh le na riaghailtean a th'ann a thaobh pàigheadh na roinne poblaich.