Prìosan 'son gunnaichean mì-laghail

Raibeart Lockhart Image copyright Police Scotland

Chaidh fear à Earra-Ghàidheal a fhuair gunnaichean agus uidheaman-gunnaireachd o thall thairis gu mì-laghail a chur dhan phrìosan airson ceithir bliadhna.

Chaidh Raibeart Lockhart, 50, a chur an grèim san t-Samhain an-uiridh an dèidh do phoilis armaichte rèid a dhèanamh air an taigh aige san Apainn.

Chaidh a ghlacadh an dèidh mar a fhuaireadh parsail san robh gunna-làimhe a chaidh a chur dhan dachaigh aige à Poblachd nan Seiceach.

Fhuair na Poilis seachd gunnaichean ann an taigh Lockhart.

Chaidh binn a chur air aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu an dèidh mar a dh'aidich e air a' mhìos seo chaidh ri 15 casaidean co-cheangailte ri gunnaichean agus ri dà chasaid co-cheangailte ri cusbainn.

Chuala a' chùirt gum biodh Lockhart a' suidhe aig an taigh Disathairne a' coimheard air filmichean Western leis na gunnaichean ri thaobh.

Gunnaichean Rabhaidh Gas

Fhad 's a bha a' chùis-lagha na aghaidh a' dol air adhart thàinig e am bàrr gun do chuir Feachd Chrìochan Bhreatainn stad air parsail le seòladh Lockart air anns an robh gunna-làimhe, a bh' air an t-slìghe à Poblachd nan Seiceach, agus 's e sin as coireach gun deach an taigh aige a rannsachadh.

Fhuair na Poilis tuilleadh ghunnaichean agus peilearan an dèidh do Lockhart innse dhaibh: "Seallaidh mi dhuibh far a bheil a h-uile càil."

Bha seòmar gu h-àrd san taigh aige le targaidean losgaidh ann.

Chuala a' chùirt gur e "gunnaichean rabhaidh gas" a bh' anns na buill-airm agus nach tigeadh peilearan a-mach asta.

Am measg na h-armachd a lorgadh bha urchairean fras piobair.

Thuirt Lockhart, a tha na innleadair air soithichean luchd-turais, gur e fear a bh' ann a bha a' cruinneachadh ghunnaichean.

Cha robh, ge-tà, cead laghail aige leithid de bhuill-airm a bhith aige.

Dh'innis am Britheamh, a' Bhana-mhorair Stacey, dha: "Feumaidh mi dèiligeadh ris an seo gu cruaidh. Gabhaidh gunnaichean mar seo cleachdadh airson an t-eagal a chur air daoine agus ma thèid an atharrachadh dh'fhaodadh gun tèid an cleachdadh airson daoine a mharbhadh, neo tha cunnart ann gun tèid an goid.

"Tha e cudromach gum bi smachd ann air gunnaichean agus bhris sibhse an lagh."