Dùil ri seasan nas fheàrr do shealg na circe fraoiche

Cearc-fhraoiche Image copyright Getty Images

Tha dùil gum bi seusan na bliadhna seo airson sealg na circe fraoiche an Alba nas fheàrr na bha an-uiridh.

Dh'adhbhraich an droch shìde an-uiridh gun deach mòran den t-sealg a bha gu bhith ann a chur dheth.

Tha oighreachdan seilge ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig piseach am-bliadhna.

Tha iad trang a' cunntadh na th' ann de dh'eòin air na monaidhean aca, ach tha e coltach gu bheil geamairean den bheachd gum bi an seasan as t-Fhoghair seo mòran nas fheàrr na bha e an-uiridh.

Tha e ceadaichte na h-eòin a mharbhadh eadar an 12mh den Lùnastal suas chun an 10mh den Dùbhlachd.

Tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh oighreachdan mòra na dùthcha ag ràdh gu bheil sealg nan cearcan-fraoiche a' cur mu £32m ri eaconamaidh na h-Alba.

Image copyright Other
Image caption Thathar a' tomhas gum bi sealg na circe-fraoiche a' cur £32m ri eaconamaidh sgìrean dùthchail na h-Alba.

Tha sealg le gunnaichean an Alba a' cumail cosnaidh ri 11,000 duine, 2,500 dhiubh sin air am fastadh ann an obair seilg nan cearcan-fraoiche.

Tha mu 30% den fheadhainn a thig a shealg a' tighinn o thall thairis - a' chuid as motha aca bho na Stàitean Aonaichte, an Danmhairg, a' Bheilg, an Òlaind, an Fhraing agus an Spàinn, ged a tha barrachd agus barrachd shealgairean a' tighinn à Sìona agus Iapan.

Tha a' bhuidheann ris a bheil sealg agus iasgach an Alba an urra, an SCSTG, a' tomhas gu bheil 270,000 turas a dh'Alba a h-uile bliadhna airson leithid de chur-seachadan, agus gu bheil luach £155m sa ghnìomhachas do dh'eaconamaidh na dùthcha.

Tha an SCSTG ag amas air £30m a chur ris na tha an spòrs a' cur ris an eaconamaidh ro 2020 .