Airgead do dh'Achadh na Creige

Seann sgoil Achadh na Creige

Chadh cur às dhan mhì-chinnt mu phròiseact leasachaidh mhòr anns an Òban.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air co-dhùnadh a dhol adhart le planaichean airson £90,000 a thoirt dhan obair-leasaichaidh air Ionad Achadh na Creige sa bhaile.

Chaidh dàil a chur air an airgead - a tha a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba, às dèidh do chuid de chomhairlichean draghan a thogail mun phròiseact.

Tha an togalach - far an robh Bun-Sgoil Achadh na Creige stèidhichte anns an Òban, air a bhith falamh fad bhliadhnaichean.

Ach thòisich obair air an togalach bho chionn ghoirid airson ionad coimhearsnachd cudromach a leasachadh air an làraich.

Chaidh teagamhan a thogail mun phròiseach an t-seachdain seo ge-tà, às dèidh do chomhairlichean an t-airgead - a bha air a chomharrachadh airson a' phòiseict a chumail bhuapa.

Thuirt cuid de na buill gun robh draghan ann mu cho seasmhach 's a bha an sgeama a thaobh ionmhais.

Bha beachd ann gum faodadh an t-airgead a dhol dhan fhèis-chiùil ObanLive, agus an fheadhainn a th' air cùl sin ag ràdh nach tèid a cumail a-rithist gun leasachadh air na goireasan aig Pàirce Mhossfield.

Ach Dihaoine dhearbh an t-ùghdarras ionadail gun tèid an t-airgead a thoirt gu Ionad Achadh na Creige.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Òbain, Latharna is nan Eilean, Elaine Robasdan, gum bi iad a' lorg dhòighean eile 'son ionmhas fhaighinn mu choinneimh nan leasachaidhean a tha a dhìth air na goireasan aig Pàirce Mhossfield.