Iomairt 'son inbhe dualchais do sgìre Fors an Àirde

Mòinteach Chataibh is Ghallaibh Image copyright Andrew Tyron/Geograph
Image caption Tha a' mhòinteach air a' chrìch eadar Cataibh agus Gallaibh aithnichte mar am Flow Country sa Bheurla, agus tha i na h-àrainneachd àraid.

Bidh sreath thachartasan ann thar deireadh na seachdain mar phàirt den iomairt gus inbhe Làrach Dualchais na Cruinne fhaighinn do sgìre Fors an Àirde.

Tha a' mhòinteach air a' chrìch eadar Cataibh agus Gallaibh aithnichte mar am Flow Country sa Bheurla, agus tha i na h-àrainneachd àraid.

A bharrachd air sin, tha an sgìre cuideachd cudromach airson na tha de chàrbon a tha ga ghlèidheadh ann.

Bidh trì òraidean ann san Luirg, Inbhir Theòrsa agus ann an Inbhir Nis mar phàirt den iomairt.