Dragh mu shàbhailteachd aig Dùn Chàrlabhaigh

Dùn Chàrlabhaigh Image copyright Getty Images
Image caption Tha Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba ri obair ghlèidhteachais air Dùn Chàrlabhaigh.

Tha dragh air cuid ann an Dùn Chàrlabhaigh ann an Leòdhas nach eil daoine a tha a' tadhal air an dùn ainmeil sa bhaile a' gabhail feairt do rabhaidhean gun a dhol faisg air.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba ri obair ghlèidhteachais air an dùn an-dràsta.

Air adhbharan sàbhailteachd tha iad air an geata thuige a ghlasadh.

Tha dragh sa bhaile gun tèid cuideigin a ghoirteachadh, agus e coltach gu bheil aon neach mar-thà air tubaist fhulaing, 's iad air tuiteam far a' gheata.