Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Tòraidhean

Gheall Jeremy Hunt gun toir e sùil air a' chìs a th' air uisge-beatha Albannach ro hustings airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich ann am Peairt an-diugh. Tha an tagraiche eile Boris Johnson ag ràdh gun toir esan tuilleadh airgid do dh'Alba tro Formula Barnett. Bidh iad le chèile ag iomairt ann an Alba an-diugh, an dèidh turas Theresa May an-dè, anns an tug ise comhairle orra mu dhìon an Aonaidh, agus cunnart Bhrexit gun aonta.

Ospadal Cloinne

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gur ise a chuir maill air fosgladh ospadail ùir na cloinne ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo. Bha NHS Lodainn am beachd an togalach ùr, a chosg £150m, fhosgladh mean air mhean bho Dhimàirt, ach chaidh dàil air sin le dragh mu chuid de na h-uardan anns an ospadal. Tha Rùnaire na Slàinte air rannsachadh iarraidh.

Drogaichean

Chuir Riaghaltas na h-Alba ceannard ùr, Tsar, os cionn iomairt an aghaidh thrioblaid dhrogaichean. Tha dùil ri dearbhadh a dh'aithghearr gun robh còrr is 1,000 bàs an Alba an-uiridh le mì-fheum dhrogaichean. Bidh an t-Oll. Caitriona NicMhathain a' rannsachadh an gabh an lagh atharrachadh gus am bi seòmraichean sònraichte ann "Fix Rooms" anns am faodadh feadhainn a tha glacte fo bhuaidh dhrogaichean iad sin a ghabhail iad fhèin fo sgrùdadh meadaigeach. Tha Oifis na Dùthcha gu ruige seo air a bhith a' diùltadh cead do Riaghaltas na h-Alba an lagh sin atharrachadh.

Jaguar Landrover

Tha Jaguar Landrover a' cur cheudan mhilleanan Not ri leasachadh air an làraich aca ann am meadhan Shasainn. Tha planaichean na companaidh airson càraichean dealain a thogail a' cur dìon air ceudan chosnaidhean aig Castle Bromwich anns na West Midlands.

Bàs Motor-baidhseagail

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh bho dhràibhearan, gu h-àraid feadhainn aig a bheil dealbhan dashcam, an dèidh tubaiste beagan tuath air an Luirg ann an Cataibh feasgar an-dè, anns an deach fear a bh' air motor-baidhseagal a mharbhadh. Bhual am motor-baidhseagal agus pick-up na chèile, agus chaill fear a' mhotor-baidhseagail, a bha 41, a bheatha. Cha deach dràibhear a' charbaid eile a ghoirteachadh.

Amazon

Chuir ceannard nan Labarach, Jeremy Corbyn, cairt cola-breith gu ceannard Amazon, Jeff Bezos, an duine as beartaiche air an t-Saoghal, a' comharrachadh 25 bliadhna an-diugh bho chaidh Amazon a stèidheachadh. Anns a' chairt tha Mgr Corbyn ag iarraidh air Mgr Bezos na cìsean a bu chòir dha a phàigheadh ann am Breatainn. Tha a' chairt a' crìochnachadh leis an teachdaireachd "Many Happy Tax Returns".