Bàs air motor-baidhseagal

Dhearbh na Poilis gun deach fear a mharbhadh ann an tubaist eadar motor-baidhseagal agus truga 4x4 faisg air an Luirg ann an Cataibh Diardaoin.

Tha e coltach gun robh an duine a bhàsaich, aois 41, ann am buidhinn de mhotor-baidhseagalan a' dol gu tuath air an A836, timcheall air meadhan là.

Cha deach dràibhear an truga a ghoirteachadh.

Thuirt na Poilis gun deach innse dha theaghlach, agus gu bheil rannsachadh air mar a thachair a' leantainn.

Dh'iarr na Poilis air daoine aig a bheil fiosrachadh, no dealbhan dashcam, bruidhinn riutha.