£1m do shàbhailteachd iasgairean

Iasgair

Bu chòir sgeama ùr, a chaidh fhoillseachadh leis an Riaghaltas ann an Lunnainn, cùisean a dhèanamh nas sàbhailte do dh'iasgairean aig muir.

Thèid £1m a chur mu choinneimh oidhirpean trèanaidh is uidheamachd, agus aithne ann gu bheil fhathast cus a' call am beatha anns a' ghnìomhachas.

Tha Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gu bheil cùisean nas fheàrr na bha iad ge-tà.

"A' coimhead anns an fharsainneachd tha tòrr adhartais air a dhèanamh," thuirt e.

"Gu h-àraid tòrr den fheadhainn a th' air am beatha a chall am-bliadhna, 's e daoine a th' air a bhith ag obair nan aonar.

"Gu h-àraid feadhainn a tha ag obair nan aonar, tha feadhainn aca, chan eil iad a' cleachdadh seacaid sàbhalaidh idir.

"Nam biodh seacaid sàbhalaidh orra, agus an t-inneal ùr a tha seo a' sealltainn cà' bheil iad ma thèid iad dhan uisge, tha sin a' toirt a' chothruim as motha dhaibh a bhith air an lorg gu luath," thuirt e.