FUNICULAR
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist mu Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm

4 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nochd dragh as ùra mu na dh'fhaodadh tachairt do Rèile Beinne a' Chàirn Ghuirm as dèidh do dh' Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean dearbhadh gum bi an goireas dùinte airson geamhradh eile.

Thuirt HIE, ge-ta, gu bheil e na amas dhaibh an rèile a chàradh 's a thilleadh gu seirbheis.

Gu h-ionadal, ge-ta, tha cuid de dhaoine a' togail cheist mu na tha an dàn dhan treana.

Tha Shona Nic a' Phiocair ag aithris.