An Rubha aig a' mhullach

Lìon

Shreap an Rubha gu mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain nuair a rinn iad an gnothach air na Hearadh.

Ged a chrìochnaich cùisean air an Tairbeart 6-1 air a' cheann thall, b' e geama faisg a bha seo 'son ùine.

Bha còrr is leth-uair air a cluich nuair a chuir Wally MacÌomhair na Rubhaich air thoiseach.

B' e siud an aon tadhal a bh' ann sa chiad leth.

Sgiùrsadh

Thòisich iad a' frasadh san dàrna leth ge-tà, is Aonghas Dòmhnallach, Anndra Mac a' Mhaoilein, Robert Jones, Elliot Rudall is Cammy MacNeacail uile le tadhail.

Sianar chluicheadairean eadar-dhealaichte air an targaid, rud nach fhaicear tric aig ìre sam bith de bhall-coise.

Fhreagair Hugh Moireasdan airson na Hearadh.

Tha an Rubha a-nise aig bàrr na lìge is iad puing air thoiseach air Càrlabhagh, is dà phuing os cionn an Taobh Siar.

Anns a' gheama eile oidhche Chiadain, chrìochnaich Athletic is Nis co-ionnan 1-1.

Thàinig an dà thadhal tràth sa gheama le Mata MacÌomhair air an targaid airson Nis is Jason Guilmartin le tadhal Aths.

Adhartas

Tha Nis is Aths fhathast san t-seachdamh is ochdamh àiteachan san lìog.

Oidhche Mhàirt bha Slèite is an Srath air a' bheàrn aig mullach Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse a ghearradh gu trì puingean.

Ged a bha iad 2-0 air deireadh air Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' dol a-steach dhan chairteal na h-uaireach mu dheireadh, thàinig na Slèitich air ais airson na trì puingean a thogail is uallach a chumail air Malaig aig bàrr na lìge.

Tha geamaichean gu leòr ann anns na làithean ri thighinn, an taghadh dhiubh sin eadar Aths is na Lochan oidhche Haoine sa chuairt dheireannaich de Chupa Jock Stein.

Dihaoine 05/07

Cuairt Dheireannach Chupa Jock Stein

Athletic - Na Lochan (7f)

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Caol Àcainn (7:30f)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Southend - Saints an Iochdair (6:30f)

Disathairne 06/07

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

GA United - Malaig (12f)

An Caol - Gleann Eilg (6f)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Beinn nam Fadhla - Barraigh (1f)

Èirisgeigh - Uibhist a Tuath (5f)

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile