Taic ri lùghdachadh casg-astair an Sgonnsair

Rathad Sgonnsair

Chuir Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre a taic ri iomairt gus an casg astair air an rathad tro Sgonnsair san Eilean Sgitheanach a lùghdachadh.

Thuirt Ceit Fhoirbeis, ged a bha rannsachadh air nochdadh nach robh tubaist air a bhith ann aig ceann an rathaid chun a' chidhe aiseig sa bhaile sa chòig bliadhna a dh'fhalbh, gun robh i fhèin agus daoine eile gu math mothachail gun do theab tubaist mhòr a bhith ann gu math tric.

Tha aiseag eilein Ratharsair a' siubhal à Sgonnsair, agus tha casg astair 60 mìle san uair ann ri taobh a' chidhe.