Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Theresa May

Tha am Prìomhaire Theresa May an Alba an-diugh, agus thathar an dùil gun toir i seachad òraid a' moladh dhan dithis a tha a' seasamh airson dreuchd a' Phrìomhaire, gum biodh e na phrìomh amas aca an t-Aonadh a neartachadh. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ge-tà, gun robh Alba mar thà air an t-slighe gu neo-eisimeileachd, 's gur e dìleab Theresa May a bhith a' putadh na dùthcha thuige sin.

William Hill

Tha a' chompanaidh cur-gheall William Hill air a ràdh gu bheil iad am beachd 700 bùth a dhùnadh, a' cur mu 4,500 obair ann an cunnart. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' coireachadh an atharrachaidh san lagh a tha a' cuingealachadh na 's urrainnear a chur air innealan cur-gheall.

Hong Kong

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Jeremy Hunt, an-diugh a-rithist air rabhadh a thoirt do Shìona gum bi ceannach aca air mura cùm iad ri an dleastanas a thaobh fèin-riaghladh Hong Kong. An-dè, thuirt Tosgaire Shìona gun robh an Rìoghachd Aonaichte fhathast a' gabhail gnothaich ri an gnìomh, is gun robh iad a' cumail taic ri luchd-iomairt a bha ri fòirneart. Bha seo às dèidh do Mhgr Hunt bruidhinn a-mach mun t-strì a bh' ann eadar luchd-iomairt airson deamocrasaidh, agus Poilis Hong Kong.

Ceadachadh Bàis

Tha fear à Siorrachd Pheairt le tinneas motor-neurone, ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba an lagh atharrachadh gus leigeil le daoine taic fhaighinn le crìoch a thoirt air am beatha. Tha Richard Selley, a tha 65 bliadhna de dh'aois, am beachd siubhal dhan Eilbheis airson am bàs fhaighinn. Tha dragh air luchd-iomairt a tha an aghaidh a' bheachd seo gun cuireadh seo cus cuideim air daoine am beatha a thoirt gu crìch.

Gibraltar

Chuidich na Marines Rìoghail na Poilis ann a bhith a' faighinn smachd air tancair ola far thìr Ghibraltar madainn an-diugh. Thuirt Riaghaltas Ghibraltar gun robh iad fo amharas gun robh am bàta a' tarraing ola gu ionad ola am Baniyas ann an Siria, agus a' briseadh chasg-bhannan na Roinn Eòrpa le bhith a' dèanamh sin. Chaidh feachd bho na Marines Rìoghail air bòrd an Grace 1, a tha fo bhratach Phanama, tràth sa mhadainn.

Caoimhin MacLeòid

Tha teaghlach Chaomhin MhicLeòid, a chaidh a lorg marbh ann an cala Inbhir Ùige bho chionn còrr is 20 bliadhna, air fàilte a chur air an naidheachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na thachair dha. Chaidh iarraidh air Poilis Mherseyside an t-ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh. Aig àm a' bhàis cha do ghabh Poilis a' Chinn a Tuath ri stiùireadh luchd-casaid gun robh còir coimhead ris a' chùis mar rannsachadh muirt.