Poilis Merseyside a' rannsachadh cùis Chaoimhin MhicLeòid

Caoimhin MacLeòid

Chaidh iarraidh air Poilis Merseyside ath-sgrùdadh a dhèanamh air an rannsachadh a rinneadh air bàs fhireannaich air Ghàidhealtachd.

Chaidh corp Chaoimhin MhicLeòid fhaighinn ann an cala Inbhir Ùige ann an 1997.

Chaidh a bhàs a rannsachadh grunn tursan bhon uair sin, agus rinneadh càineadh làidir air seann Phoilis a' Chinn a Tuath seach nach do ghabh iadsan ri stiùireadh luchd-casaid gun robh còir coimhead ris a' chùis mar rannsachadh muirt.

Dh'iarr Poileas Alba a-niste air feachd Merseyside measadh a dhèanamh air a h-uile rud co-cheangailte ri bàs Mhgr MhicLeòid, gus taic a thoirt do dh'oifigearan a tha an-dràsta ga ath-rannsachadh.

Chunnacas Caoimhin MacLeòid, a bha 24, mu dheireadh air an 8mh là den Ghearran 1997, 's e air oidhche a-muigh le caraidean.

Fhuaireas a chorp sa chala an ath-là.