Funicular dùinte air a' Gheamhradh ri tighinn

Rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm Image copyright Walter Baxter/Geograph

Tha e na bhristeadh-dùil dha daoine anns an Aghaidh Mhòir nach bi rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm fosgailte airson a' Gheamhraidh.

Thàinig an naidheachd bho HIE Diciadain.

Chaidh an rèile-beinne a dhùnadh anns an Dàmhair an-uiridh air sgàth sàbhailteachd, agus thuirt HIE gum biodh an ath-bhliadhna ann mus urrainnear obair càraidh a dhèanamh oirre.

"Chan eil fiosrachadh sam bith air tighinn a-mach mu dheidhinn dè cho dona 's a tha cùisean, agus seo a' chiad uair a chuala mise dad mu dheidhinn," thuirt Seumas Grannd a tha a' fuireach anns an sgìre.

Bliadhnaichean

"Bha amharas air muinntir an àite nach biodh e fosgailte co-dhiù anns a' Gheamhradh a tha seo a tha a' tighinn, oir seo an treas là den Iuchar agus chan eil iad air tòiseachadh air obair-càraidh a dhèanamh fhathast.

"Mar sin bha daoine an dùil tha mi a' creidsinn, nach biodh e fosgailte tron Gheamhradh a tha a' tighinn.

"Tha mi a' creidsinn gur e sin bun-stèidh eaconomaidh na h-Aghaidh Mòire fhèin, 's tha droch bhuaidh air a bhith aige air an sgìre.

"Gu h-àraid a thaobh turasachd a' Gheamhraidh, sgìtheadh anns a' Gheamhradh.

"Agus bidh buaidh aige seo air sgìtheadh. Mura bi sgìtheadh ann anns a' Gheamhradh a tha a' tighinn, tha sin dà gheamhradh gun sgitheadh ceart.

"Bheir e bliadhnaichean mus tig na sgithearan air ais tha mi a' creidsinn, mar a b' àbhaist dhaibh a bhith a' tighinn dhan sgìre seo.

Milleadh Cliù

"'S e am Funicular am prìomh inneal airson daoine fhaighinn dha na raointean sgìthidh.

"Tha tobhachan ann, dìreach a' ruith an-àirde bhon chàrlann, tha ceangal ris na tobhachan gu h-àird.

"Ach anns a' Gheamhradh a tha dìreach air a dhol seachad 's ann glè ainneamh a bha sneachda gu leòr ann an sin, agus 's ann glè ainneamh a bha na tobhachan a tha a' ruith eadar an càr-lann agus na raointean-sgìthidh gu h-àird ag obair seach nach robh sneachda gu leòr ann, fiù 's ged a bha inneal-sneachda ann.

"Ach an Geamhradh a tha dìreach air a dhol seachad, bha e cho blàth 's nach robh sneachda gu leòr ann aig bun na beinne, agus cha ghabhadh na raointean-sgìthidh a tha gu h-àird a ruigsinn.

"Tha e a' milleadh cliù a' Chùirn Ghuirm, agus a' milleadh cliù na h-Aghaidh Mòire chanainn, gu mòr," thuirt e.