Iasgair ga thoirt dhan ospadal

Chaidh iasgair a bh' air a ghoirteachadh air a thoirt far bàta mu 80 mìle an ear-thuath air Leòdhas oidhche Mhàirt.

Thog heileacoptair nam Maor-Cladaich an duine far a' bhàt'-iasgaich às dèidh dha a làmh a ghoirteachadh.

Chaidh a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.