Tubaist-rathaid air an A96

Chaidh na Poilis, luchd-smàlaidh agus na seirbheisean èiginn uile a ghairm gu tubaist air an A96 faisg air Port-Adhair Inbhir Nis madainn Diciadain.

Thàinig càr far an rathaid faisg air cearcall-rathaid a' phuirt-adhair mu 11:20m.

Chaidh aig a' bhoireannach a bha a' dràibheadh a' chàir air faighinn às mus do ràinig na Poilis, agus thathas a' tuigsinn nach deach a droch ghoirteachadh.