Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fèin-Riaghladh

Foillsichidh am Prìomhaire gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air roinnean riaghaltais airson dèanamh cinnteach gu bheil iad ag obair san dòigh as fheàrr airson fèin-riaghlaidh. Bheir Theresa May mìneachadh air an seo nuair a thadhaileas i air Alba a-màireach. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur e gnìomh èiginneach a bha seo bhon Phrìomhaire.

Ro-reamhrachd

Tha cha mhòr a dhà uiread de dhaoine ro reamhar na tha a' smocadh ann an Alba a-niste, a rèir na buidhne a tha a' rannsachadh aillse san Rìoghachd Aonaichte. Tha iad ag ràdh gu bheil reamhrachd na prìomh adhbhar ann an ceithir seòrsaichean aillse. Tha a' bhuidheann air iomairt a thòiseachadh airson innse mu na ceanglaichean eadar aillse agus ro-reamhrachd.

Libia

Thuirt Riaghaltas Libia gun deach co-dhiù 40 duine a mharbhadh agus gun deach mu 80 eile a ghoirteachadh ann an ionnsaigh adhair air ionad in-imrich taobh a-muigh Tripoli. Tha oifgich a' coireachadh airm nàiseanta Libia airson na thachair, ach tha iadsan a' cumail a-mach gur e feachdan a tha a' cur taic ris an Riaghaltas a rinn e.

Bàs Phàiste

Bhàsaich am pàiste a chaidh a bhreith às dèidh mar a chaidh a mhàthair a mharbhadh ann an ionnsaigh ann an Lunnainn air an deireadh-sheachdain. Chaidh Kelly Mary Fauvrelle, a bha 26, a mhurt Disathairne. Rugar am pàiste greis an dèidh làimh, ach dh'innis na poilis an-diugh gun robh am balach air bàsachadh.

Brèascleit

Thuirt na poilis anns na h-Eileanan an Iar nach robh cunnart sam bith ann dhan mhòr-shluagh às dèidh mar a b' fheudar do dh'eòlaichean bhomaichean a bhith ag obair ann an Leòdhas gu uairean beaga na maidne an-diugh. Bha iad a' dèiligeadh ri inneal amharasach a chaidh fhaighinn aig taigh ann am Brèascleit Diluain. Nochdaidh fear anns a' chùirt a-màireach fo chasaidean co-cheangailte ri gunna mì-laghail.

An t-Òban

Tha mì-chinnt ann an Earra-Ghàidheal is Bòd mu thaic-airgid a bha gus a bhith air a chosg air leasachadh seann sgoil Achadh na Creige san Òban. Tha comhairlichean na sgìre air dàil a chur air a bhith a' toirt seachad £90,000 dhan phròiseact, 's iad a-niste a' beachdachadh a thoirt do Phàirce Mhossfield sa bhaile. Tha seo a' tighinn às dèidh an fheadhainn a th' air cùl fèis ObanLive a ràdh nach tèid a cumail a-rithist mura bi leasachadh air a dhèanamh.