Rannsachadh mu bhàs mhotor-baidhseagail

James Lynagh Image copyright Police Scotland

Tha Coimiseanar Rannsachaidhean agus Ath-Sgrùdadh nam Poileas, am PIRC, air rannsachadh a thòiseachadh air mar a thachair tubaist mhairbhteach motor-baidhseagail ann an Inbhir Nis.

Chaidh James Lynagh, 33, à Baile Dhubhthaich, a mharbhadh air Rathad Chùil Daothail ann an Inbhir Nis tràth madainn Disathairne.

Cha robh carbad sam bith eile an sàs anns an tubaist.

Thuirt na Poilis gun robh an rannsachadh acasan a' leantainn, agus iad fhathast airson bruidhinn ri daoine le fiosrachadh mun tubaist.