Taic do dh'iomairt velodrome Inbhir Nis

Katie Archibald Image copyright SNS
Image caption Chuidich Katie Archibald (air an làimh dheis) sgioba Bhreatainn a bhith a' faighinn buinn òir aig Farpaisean na h-Eòrpa ann an Glaschu an-uiridh.

Bidh Katie Archibald, a th' air buinn òra a bhuannachadh aig na geamaichean Oilimpigeach agus Farpaisean Rothaireachd na Cruinne, ann an Inbhir Nis Diciadain, a' cur taic ri pròiseact airson velodrome agus goireasan spòrs eile a stèidheachadh air iomall a' bhaile.

Chosgadh am pròiseact, a bhiodh stèidhichte aig campas Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, £15m.

Tha an t-èolaiche rothaireachd, Gòrdain Camshron, ag ràdh gun dèanadh seo feum mòr.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e goireas air leth feumail, agus air leth freagarrach a bhiodh ann dhan Ghàidhealtachd air fad," thuirt e.

"Goireas a tha a' coimhead air iomadh diofar spòrs, chan e dìreach air velodrome, ach gum bi e a' toirt cothrom do dhaoine àite fhaighinn far am faigh iad cothroman trèanaidh, eacarsaich, rudan ùra fheuchainn cuideachd.

"Cha bu chòir dhuinn a bhith a' smaoineachadh gur ann dìreach mu dheidhinn spòrs aig an ìre as àirde a tha seo.

"Bidh e ag amas air buidhnean comhearsnachd, clann-sgoile.

"Tha goireasan mar seo cumanta ann an iomadh àite, ann an iomadh dùthaich air feadh na h-Eòrpa.

"Bu chòir dhuinne, tha mi a' smaoineachadh agus tha mi a' faireachdainn, a bhith a' putadh air adhart airson 's gun tig seo gu buil," thuirt e.