Dàil air airgead do leasachadh Achadh na Creige

Seann sgoil Achadh na Creige

Tha comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air co-dhùnadh dàil a chur air airgead a thoirt seachad dhan phròiseact airson seann togalach Achadh na Creige san Òban a leasachadh.

Dh'fhaodadh na buill air Comataidh an Òbain, Latharna is nan Eilean an t-suim airgid luach £90,000 a thoirt do phròiseact eile aig stèideam spòrs Mhossfield - airson an fhèis-chiùil 'ObanLive' a chur air bun-stèidh nas cinntiche.

Thòisich an deasbad sradagach mu mar a rachadh an t-airgead bho sgeama ath-leasachaidh meadhan-bhailtean aig Riaghaltas na h-Alba a chosg air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt an sgioba-stiùiridh aig an fhèis-chiùil ObanLive nach rachadh an tachartas air adhart an ath-bhliadhna ri linn draghan mun làraich aig Pàirce Mhossfield anns a' bhaile.

Draghan

Bha an luchd-stiùiridh a' cumail a-mach gun robh obair-leasachaidh gu math bunaiteach a dhìth air na goireasan.

Chaidh coinneamh a chur air dòigh le Comadaidh an Òbain, Latharna is nan Eilean ann an cabhaig Dimàirt, 's draghan orrsan mun bhuaidh a dh'fhaodadh sin a thoirt air eaconomaidh na sgìre nan robh an fhèis-chiùil air a cur dheth.

Cho-dhùin na buill gun an t-airgead a bha air a chomharrachadh airson obair-leasachaidh aig seann sgoil Achadh na Creige a thoirt seachad.

Thuirt a' chomataidh gu bheil draghan air èirigh mu cho seasamh 's a tha am pròiseact sin.

Ann am brath-naidheachd, thuirt a' chomataidh nach b' urrainn dhaibh co-dhùnadh deireannach a ghabhail air càite an tèid an t-airgead a chosg gus an tèid rannsachadh èiginneach a choileanadh