Eòlaichean bhomaichean gan gairm gu Brèascleit

Carbad Poilis

Bha eòlaichean bhomaichean ag obair air taobh siar Leòdhais gu uairean beaga na maidne Diciadain 's iad a' dèiligeadh ri inneal amharasach a chaidh a lorg aig taigh ann am Brèascleit Diluain.

Thuirt na Poilis nach robh cunnart ann dhan mhòr-shluagh.

Aig timcheall air 9:00f oidhche Mhàirt chaidh an rathad gu taighe ann am Brèascleit a dhùnadh aig gach ceann.

Chaidh iarraidh air na daoine a bha anns na taighean a b' fhaisge air an taigh na dachannan aca fhàgail rè ùine.

Rannsachadh

Nochd eòlaichean bhomaichean bhon Chabhlach Rìoghail aig 10:00f airson an innleachd amharasach a lorg na Poilis Diluain a rannsachadh. 

Bha iad aig an làraich gu co-dhiù 04:00m.

Tha an rathad a-nis fosgailte a-rithist.

Thuirt na Poilis nach robh cunnart ann dhan mhòr-shluagh, agus thug iad taing do mhuinntir an àite airson an cuid foighdinn. 

Nochdaidh fear sa chùirt Diardaoin fo chasaidean co-cheangailte ri gunna mì-laghail.