Togail 'son sgioba Ùige & Bheàrnaraigh

Ball-coise

Tha iad a-mach à Cupa Eilean an Fhraoich ach bha oidhche pìos math nas fheàrr aig sgioba Ùige & Bheàrnaraigh san Rubha Diluain.

Rinn an sgioba eachdraidh an t-seachdain seo chaidh nuair a chluich iad a' chiad gheama aca san fharpais bho 1986.

'S dòcha gun robh iad a' ceasnachadh gu ìre carson a bhodraig iad ge-tà, is an Rubha a' cur ochd tadhail seachad orra.

'S beag an cothrom a bh' aig Ùige & Beàrnaraigh cùisean a thionndadh ann an Garrabost oidhche Luain, ach thill an sgioba dhachaigh le beagan mhoit co-dhiù is iad air buannachadh 2-0 an aghaidh sgioba òg às an Rubha.

Thàinig na tadhail bho Kenny 'Dokus' Dòmhnallach is an sgioba a' gealltainn ann an teachdaireachd às dèidh làimhe gum bi iad air ais.

Droinneadh

Bha Càrlabhagh cuideachd air pronnadh fhaighinn sa chiad gheama acasan is iad air call 9-0 ris a' Bhac.

Cha robh e buileach cho dona aig Cnoc a' Choilich Diluain is iad a' cumail a' Bhac gu còig is an gnothach a' crìochnachadh 14-0 thairis air an dà gheama.

Fhuair Eoghain MacAnndrais dà thadhal an sin, is seachd aige uile gu lèir san dà gheama an aghaidh nan Gormach.

'S dòcha nach bi Càrlabhagh, a chaill cluicheadairean a sgioba Ùige & Bheàrnaraigh, buileach cho toilichte leis an naidheachd gu bheil na nàbaidheadhan aca am beachd cumail a' dol.

Sa gheama eile oidhche Luain, rinn an Taobh Siar a' chùis air na Hearadh 6-1 air an Tairbeart is Ali 'Barbhas' MacLeòid a' cur trì dhiubh.

Dh'fhàg sin gun deach na Siaraich troimhe 8-1 thairis air an dà gheama.

Chaidh an geama aig Nis is na Lochan a chur dheth. Thèid a chluich uaireigin eile is na Lochan air thoiseach 3-0.

Bàrr

San ath-chuairt bidh am Bac an aghaidh Nis no na Lochan, is bidh an Rubha an aghaidh an Taobh Siar.

Tha aire a' tionndadh air Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse oidhche Mhàirt.

Tha aon gheama an sin is Iar-Thuath an Eilein a' cur fàilte air Slèite is an Srath.

Bidh na Slèitich ag amas air togail air an adhartas a rinn iad ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain, is cothrom aca an seo a' bheàrn gu Malaig aig mullach na lìge a ghearradh gu trì puingean.

Tha clàr gheamaichean na seachdain seo mar a leanas:

Dimàirt 02/07

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Slèite is an Srath (7.15f)

Diciadain 03/07

Lìog Leòdhais is na Hearadh - uile aig 7f

Athletic - Nis

Na Hearadh - An Rubha

Dihaoine 05/07

Cuairt Dheireannach Chupa Jock Stein

Athletic - Na Lochan (7f)

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Caol Àcainn (7.30f)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Southend - Saints an Iochdair (6.30f)

Disathairne 06/07

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

GA United - Malaig (12f)

An Caol - Gleann Eilg (6f)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Beinn nam Fadhla - Barraigh (1f)

Èirisgeigh - Uibhist a Tuath (5f)