Loch a' Bhàtha air a lìonadh a-rithist

Taigh-bàta aig Loch a' Bhàtha Image copyright Loch Vaa

Dh'èirich an t-uisge a-rithist ann an loch air Ghàidhealtachd mun robh dragh gun robh e a' dol a thiormachadh.

Chaidh iomagain a nochdadh mu Loch a' Bhàtha, faisg air an Aghaidh Mhòir, sa Chèitean, an dèidh don uisge a bh' ann tuiteam meatar gu leth.

Ach an dèidh 37 là de dh'uisge, tha ìre an uisge a-niste air èirigh beagan.

Bidh an loch a' tàladh mòran iasgairean slaite, luchd-togail dhealbhan agus snàmhadairean.

Ach bha dragh an dèidh dhan uisge tuiteam sa Chèitean, gun robh 35m galan de dh'uisge air chall bhon t-Sultain an-uiridh.

Image copyright Brian O'Donnell
Image caption Tha dùil gun deach mu 35m galan de dh'uisge a chall às an loch bhon t-Sultain.

Thuirt buidhnean àrainneachail gun robh an loch, a th' air a bhiadhadh le fuarain, a' fulang an dèidh gheamhraidh thioraim.

Dh'fhàg siud ceist mu na bha an dàn do chrannaig a th' air eilean làmh-dhèante san loch.

Tha arc-eòlaiche air sgrùdadh a dhèanamh air a' chrannaig, 's fhuair iad nach deach milleadh a dhèanamh air an fhiodh leis an do rinneadh e, 's gu bheil iad fhathast air an glèidheadh fliuch fon uisge.

Chan eil fhios idir ge-tà, dè bu choireach gun do thuit ìre an uisge cho h-obann sna mìosan a dh'fhalbh.