Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hong Kong

Chàin Riaghaltas Shìona luchd-iomairt a rinn rùraich is milleadh ann am Pàrlamaid Hong Kong an-dè, agus iad ag ràdh gun robh an dol-a-mach mì-laghail. Tha strì air a bhith a' dol fad sheachdainean san dùthaich, is luchd-iomairt ag iarraidh gun tèid cur às do bhile a chì daoine gan cur gu Tìr-Mòr Shìona ma tha iad fo amharas eucorra. Dh'iarr Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Jeremy Hunt, air ùghdarrasan na dùthcha gun a bhith ri làmhachas làidir ann a bhith a' dèiligeadh leis an t-suidheachadh.

Fuil Ghànraichte

Tòisichidh èisteachd phoblach an Dùn Èideann an-diugh mar phàirt de rannsachadh na fala gànraichte. Tha dùil gun d' fhuair mu 3,000 neach ann an Alba galar HIV no Hepatitis C tro fhuil a fhuair iad a bh' air a truailleadh. Bheir cuid den fheadhainn air an tug seo buaidh anns na 70an agus na h-80an fianais seachad.

Creideas Coitcheann

Thuirt Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnsean, Amber Rudd, gun rannsaich i am bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd airgead fhaighinn air ais ri linn a bhith a' cur air bhonn siostam a' Chreideis Choitchinn bho chionn dà bhliadhna. Thog am Ball-Pàrlamaid Drew Hendry a' chùis às dèidh dha ionnsachadh gun do chosg an siostam ùr £2.5m a chur air dòigh. Tha e ag ràdh gur e suidheachadh mì-chothromach a th' ann, agus gum bu chòir am fiach seo a bhith air a phàigheadh air ais.

Leatromachd am measg Dheugairean

Tha an àireamh de dheugairean a tha trom le pàiste ann an Alba air tighinn a-nuas, agus e aig an ìre as ìsle a chunnacas bho thòisich clàradh air na h-àireamhan. Cuideachd tha a' bheàrn eadar an àireamh dheugairean a bhios an dùil ri pàiste ann an sgìrean bochda agus sgìrean beartach air lùghdachadh. Sheall na h-àireamhan gun robh casg-breith aig ìre de 45%, an ìre a b' àirde a bh' ann riamh am measg dheugairean, agus gur ann bho sgìrean bochda a bha deugairean a bu dualtaiche casg-breith a bhith aca.

Fear-Tàileisg

Gheibhear cothrom fear de na bha a dhìth de dh'Fhir-Tàileisg Leòdhais a cheannach feasgar an-diugh aig rùp ann an Lunnainn. Thionndaidh am pìos suas ann an drathair ann an Dùn Èideann bho chionn ghoirid 's e coltach gun do cheannach seanair an teaghlaich e airson £5 bho chionn còrr is 50 bliadhna. Cha robh sian a dh'fhios gur e pìos de sheata tàileisg a bh' ann a chaidh a lorg an toiseach ann an dùin ghainmhich Leòdhais san 19mh Linn. Thathar an dùil gun ruig e prìs £1m.