Fear-tàileisg air a reic

Fear-tàileisg Image copyright Sotheby's

Chaidh fear-tàileisg, a thathas an dùil a tha air fear de dh'Fhir-Tàileisg Leòdhais, a reic airson £735,000 aig rùp ann an Lunnainn.

Bha dùil gum faigheadh am figear beag - a chaidh a cheannach ann an 1964 le fear à Dùn Èideann air £5 - suas ri £1m aig an rùp.

Tha dùil aca gur e fear de dh'Fhir-tàileisg Leòdhais a th' ann, ach gun deach a sgarradh bhon chòrr de na pìosan tàileisg a tha air an cumail ann an taighean-tasgaidh.

Bha e air a bhith ann an dràthair ann an Dùn Èideann fad iomadach bliadhna.

Cha robh foir aig an duine a cheannaich e gum faodadh e a bhith cho prìseil, agus thug e seachad do a theaghlach e.

Chaidh a reic aig Sotheby's ann an Lunnainn Dimàirt.

Chaidh Fir-Tàileisg Leòdhais, a chaidh dhèanamh de dh'ìbhiridh ann an linn nan Lochlannach, a lorg air tràigh Eadar Dhà Fhadhail ann an sgìre Ùig' an Leòdhas an 1831.

Tha iad a-nis am measg prìomh thaisbeanaidhean Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.