Parcadh an Stòirr na "chùis eagail"

An Stòrr Image copyright Getty Images
Image caption Bidh an Stòrr, ann an ceann a tuath an eilein, a' taladh mòran luchd-turais, agus thathas a' meas gun do thadhail mu 250,000 duine air an-uiridh.

Nochd draghan san Eilean Sgitheanach nach eil obair leasachaidh a rinneadh air an rathad faisg air an Stòrr, air cùisean idir a dhèanamh nas sàbhailte.

Chaidh àiteachan parcaidh ùra a chur air dòigh le Comhairle na Gàidhealtachd, agus an lùib sin chuireadh loidhnichean buidhe dùbailte air an rathad airson parcadh a chasg ann an àiteachan.

Ach tha dragh ann gu bheil siud air troimhe-chèile adhbhrachadh mu caite am faod daoine càraichean fhàgail gun ticead fhaighinn, agus gun cunnart adhbhrachadh do dhaoine eile.

Bidh an Stòrr, ann an ceann a tuath an eilein, a' taladh mòran luchd-turais, agus thathas a' meas gun do thadhail mu 250,000 duine air an-uiridh.

"Cùis eagail"

Tha càraichean an cois nan daoine sin, agus chuir a' Chomhairle raon-parcaidh do 60 carbad a chur a-steach bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Mar as trice ge-tà, tha sin làn, agus bidh daoine a' fàgail chàraichean taobh eile an rathaid far nach eil àiteachan ceart ann - agus far a bheil a-niste na loidhnichean buidhe dùbailte.

Tha a' Chomhairle cuideachd air 20 àite parcaidh ùr a chur ann.

Tha dragh ann nach eil an t-àite far an deach na h-àiteachan parcaidh ùra a chur ann sàbhailte, agus aig daoine ri coiseachd air an rathad mhòr far a bheil lùb.

"'S ann a tha e ga dhèanamh nas cunnartaiche," thuirt Dòmhnall MacLeòid, a tha a' fuireach san sgìre.

"Tha iad a' suidheachadh chàraichean air taobh a-staigh a' cheum a rinn iad ann an sin, agus tha e a' dèanamh an rathaid nas caoile.

"Feumaidh tu a bhith cho faiceallach nuair a thèid thu seachad an an siud, 's gabhail air do shocair.

"Daoine a' coiseachd a-steach air do bheulaibh 's an cùl ris na h-uidheaman a tha a' dol seachad," thuirt e.

Tha dùil aig a' Chomhairle àite parcaidh eile a chur a-steach far an rathaid, is goireasan mar thaighean-beaga ann, 's dùil gum bi sin deiseil an ceann bliadhna.

Leasachadh

Tha beachd ann ge-tà, gu bheil an t-àite mar a tha e an-dràsta feumach air leasachadh gu sgiobalta ge-tà.

"Tha eagal uabhasach orm gun tèid cuideigin a mharbhadh no a ghoirteachadh shuas ann an sin," thuirt Dòmhnall MacLeòid.

"Tha e dìreach cho cunnartach.

"Tha daoine de mhuinntir an àite, tha mi cinnteach gu bheil iad a' gabhail air an socair 's iad a' dol seachad, thoradh tha fios aca mar a tha an suidheachadh.

"Ach ge-tà, luchd-turais eile, tha iad a' smaoineachadh gu bheil iad dìreach air an rathad agus nach eil càil a' dol ceàrr.

"'S e cùis eagail a th' ann anns an àite ud," thuirt e.

Thathas a' feitheamh air beachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd, ach thathas a' tuigsinn gu bheil a' Chomhairle mothachail gum feumar coimhead ri far a bheil na loidhnichean buidhe ùra, agus cuideachd gum feumar casg-astar a chur an sàs.