Inbhe chlàraichte do Dhrochaid Cheasaig?

Drochaid Cheasaig Image copyright Getty Images
Image caption Nuair a chaidh Drochaid Cheasaig a thogail ann an 1982, b' i a' chiad drochaid de a seòrsa san Rìoghachd Aonaichte, agus an tè a bu mhotha de a seòrasa a bh' anns an Roinn Eòrpa.

Dh'fhaodadh gun tèid inbhe chlàraichte a thoirt do Dhrochaid Cheasaig, air iomall Inbhir Nis.

Tha co-chomhaire phoblach ga dèanamh le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, agus iad den bheachd gu bheil an drochaid airidh air an leithid a dh'inbhe.

Nuair a chaidh a togail ann an 1982, b' i a' chiad drochaid de a seòrsa san Rìoghachd Aonaichte, agus an tè a bu mhotha de a seòrsa a bh' anns an Roinn Eòrpa.

Chaidh an drochaid a dhealbhachadh leis an einnseanair Ghearmailteach, Hellmut Homberg, gus am b'urrainn dhi seasamh ri droch shìde agus gluasadan mar thoradh air geòlas na sgìre agus Sgàineadh a' Ghlinne Mhòir.

Bidh timcheall air 30,000 carbad a' dol thairis air an drochaid gach là.